Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e Donaidh MacFhionghuin à Slèite ar cèiliche an t-seachdain sa. Donnie MacKinnon, from Sleat in the Isle of Skye, is Cathy MacDonald's guest this week.

Chaidh luaidh a dhèanamh an t-seachdain sa air Jilly Cooper, sgrìobhadair ainmeil a bhàsaich Latha na Sàbaid aig aois 88. Eadar luchd-leughaidh agus a' Bhànrigh, 's iomadh duine bha ga moladh - ach dè seòrsa buaidh a bh' aice air saoghal litreachais na Beurla? Tha Patsi NicChoinnich còmhla rinn son bruidhinn air a beatha.

Chan e rud ùr a th' ann an cuairt leis a' chù. Ach dè mu dheidhinn leis a' chat? A-rèir choltais tha an dòigh a tha daoine a' cumail is a' coimhead às deidh chait ag atharrachadh, agus sinn fiù 's gan toirt a-mach air feist. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir a tha gu math eòlach agus dèidheil air cait, feuch dè am beachdan fhèin - a bheil sinn a-nise a' milleadh nan cat cus?

'S e Donaidh MacFhionghuin à Slèite ar cèiliche an t-seachdain sa - is e a' bruidhinn mu iomadach bliadhna ag obair air carbadan is càraichean is a' ruith garaids. An dèidh dha aois 80 a ruighinn, tha Cathy a' faighinn facal air mu bheatha gu seo agus an iomadach atharrachadh a chunnaic e sa ghnìomhachas agus sa choimhearsnachd.

57 minutes

Last on

Wed 8 Oct 202522:25

Broadcasts

  • Wed 8 Oct 202509:00
  • Wed 8 Oct 202522:25