
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè th' air fàire do thogail shoithichean air Chluaidh? What's the future for Clyde shipbuilding? Cathy MacDonald presents a discussion on a once thriving industry.
Tha trioblaidean gu leòr air fàire do dh' eaconamaidh na h-Alba - agus cha bheag dhiubh sin a tha an cois togail-shoithichean air Chluaidh. Far an robh uaireigin na mìltean mòra ag obair ann an iomadach gàrradh, tha an obair agus na cùmhnantan an-diugh gu math gann. Le ceistean às ùr ro Ghàrradh MhicFhearghais, tha Cathy a' bruidhinn ri triùir a tha gu math eòlach air soithichean gus faighneachd: dè dìreach a th' air fàire do thogail shoithichean ann an Alba?
Cluinnidh sinn cuideachd mu thaisbeanadh air loidhne de stòras iongantach le Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Agus le 100 bliadhna bho chaidh The Great Gatsby fhoillseachadh, carson a tha an nobhail Aimearaganach seo le F. Scott Fitzgerald air buaidh cho mòr a thoirt air litreachas na Beurla air an dà thaobh dhen chuan?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 23 Sep 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Sep 202522:25BBC Radio nan Gàidheal