
le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar a tha sgrìobhaidhean Sheòrais Orwell a' freagairt air ar saoghal an-diugh? How relevant are the works of George Orwell for our world today?
Tha 80 bliadhna ann bho chaidh Animal Farm fhoillseachadh son a' chiad uair - leabhar le Seòras Orwell a tha a' dèanamh aoir air modhan poilitigeach chuid a' cho-chomannaich anns a' Ruis, agus aig an robh buaidh air leth mòr air saoghal litreachais is sgrìobhaidhean poilitigeach. Cha bheag a' bhuaidh a bh' aig leabhraichean eile leis a bharrachd, leithid 1984. Ach dè cho cudromach, is dè cho freagarrach, is a tha leabhraichean Orwell dhuinn sa latha an-diugh? Tha Cathy a' bruidhinn ris a' sgrìobhadair DS Moireach, agus an sgrìobhadair Aonghas Phàdraig Caimbeul - a dh' eadar-theangaich Animal Farm dhan Ghàidhlig.
Tha Calum Iain Bartlett a' toirt beachd dhuinn air mar a tha aonta eadar Ameireaga, Astràilia, agus Breatainn a' toirt buaidh air leasachadh teicneòlais a' Chabhlaich Rìoghail.
'S iomadh uair an-diugh a chluinneas tu mu bhith snàmh a-muigh, far chladaichean neo ann an lochan is aibhnichean na rìoghachd. Ach dè an àite as fheàrr le feadhainn a bhios a' dol a-mach tric? Cluinnidh Cathy bho fheadhainn a tha a' faighinn tlachd bho bhith snàmh a-muigh, mu na h-àitichean as fheàrr agus as motha a chòrd riutha fhèin.
Agus lèirmheas air a' leabhar "The Sound of Many Waters", a sgrìobh Robin Crawford mun sgìre mu thimcheall air Uisge Tatha, le Fionnlagh MacSuain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 21 Aug 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Aug 202522:25BBC Radio nan Gàidheal