
le Cathy NicDhòmhnaill
Mìneachadh air mar dh' atharraicheas ceadan siubhail dhan a' Roinn Eòrpa san Dàmhair. Cathy MacDonald hears how new EU Entry/Exit rules will affect travel to the European Union.
Tha làithean saora an t-samhraidh seachad - agus mar sin, bidh gu leòr a' beachdachadh a-nise air làithean saora ghlèidheadh as t-fhoghair. Ach mar a tha Maureen NicLeòid a' mìneachadh dha Cathy, thig atharrachadh anns na riaghailtean siubhail dhan a' Roinn Eòrpa san Dàmhair.
Bha uair ann nuair a bha càr far an gabhadh a mhullach a phasgadh - "convertible" - air leth fasanta. Ach chan eil sin cho fìor an-diugh, a-rèir chuid. Saoil dè tha feadhainn aig a bheil, neo aig an robh, a' leithid ri ràdh mu dheidhinn sin?
Le gealachadh nan coral anns a' Chuan Shèimh, far Astràilia, tha iomagain ann mun bhuaidh a bheir atharrachadh na gnàth shìde air àitichean man an Great Barrier Reef. Ach dè th' ann an gealachadh, carson a bhios e a' tachairt, agus a bheil e dha-rìribh na adhbhar-iomagain? Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais còmhla ri Cathy airson an tuilleadh innse.
Agus beachd air sgeulachd is pod-chraoladh mu bhan-eucoireach air leth connspaideach à Sruighlea - Mairead 'Big Mags' Haney. Le pod-chraoladh ùr bhon BhBC mu deidhinn, dè tha am fear-naidheachd Iain X MacÌomhair a' dèanadh dhe?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 19 Aug 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 19 Aug 202522:25BBC Radio nan Gàidheal