
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè cho duilich is a tha e do phàrantan a tha ag obair agus a' togail an cuid chloinne? What are the challenges involved in being a working parent?
Dh'innis iar-phrìomh mhinisteir na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, dhuinn an t-seachdain sa nach seas i rithist airson a bhith na ball-pàrlamaid - is i airson barrachd ùine chuir seachad còmhla ris an teaghlach aice. Ach dè na dùbhlain a tha an cois a bhith nad phàrant a tha ag obair sa latha a th' ann? Tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn a tha san dearbh shuidheachadh mun cuid bheachdan fhèin.
Tha Maureen NicLeòid a' toirt dhuinn aithris air beatha Stella Rimington, a bh' os cionn MI5, a bhàsaich aig an deireadh sheachdain.
Le latha eadar-nàiseanta ga chomharrachadh Disathairne dhuibhse aig a bheil gaol air leabhraichean is leughadh - tha Cathy a' faighneachd do dhithis dè na leabhraichean a b' fheàrr leotha fhèin thuige seo ann an 2025.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ann am Bùth Eirisgeidh, a' cluinntinn mu àite a' bhùth san eilean an-diugh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 7 Aug 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Aug 202522:25BBC Radio nan Gàidheal