
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha Liam Crouse ag innse mu dè thug à Rhode Island ann an Aimeireagaidh e, gu ruige Lasgair an Uibhist a' Deas. Liam Crouse chats about moving from Rhode Island, USA to South Uist.
Tha dùil ri co-dhùnadh air Dihaoine dhen t-seachdain'sa bho Phrìomh-Chùirt na Rìoghachd mu mar a bha caraichean gan reic gu daoine bho sgeamaichean ionmhais. Tha an t-eòlaiche ionmhais, Dòmhnall Màrtainn, a’ toirt sùil air a chonnspaid a dh' èirich timcheall air a seo agus a' toirt beachd air dè dh' fhaodadh thighinn as ro dheireadh na seachdain.
Bi prògram aithriseach ùr mu eileanan Bharraigh is Bhatarsaigh ri fhaicinn air BBC Alba an ath sheachdain. Tha Na h-Eileanaich a' toirt sùil air beatha làitheil an dà eilean 's air dè tha ag aobharachadh gu bheil an àireamh sluaigh aca ag èirigh seach air eileanan eile. Tha sinn a' cluinntinn beagan mun phrògram.
Agus 's e Liam Crouse cèiliche na seachdain, is e a' bruidhinn ri Coinneach Mac a' Ghobhainn mu mar a tha cuairt a bheatha air a thoirt à Rhode Island ann an Aimeireagaidh e, gu Lasgair ann an Uibhist a' Deas. Tha'd a' coinneachadh shìos air a' chladach far a bheil Liam a' cumail sgoth.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 30 Jul 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 30 Jul 202522:25BBC Radio nan Gàidheal