
le Cathy NicDhòmhnaill
Cò iad sluagh nam Bedouin san Ear Mheadhanach? Who are the Middle East's Bedouin tribes?
Tha atharrachadh mòr air fàire airson seirbheisean a' BhBC thall-thairis. Bho Dhiluain sa tighinn, cha bhith e comasach do dhaoine air taobh tha muigh na Rìoghachd Aonaichte BBC Sounds a chleachdadh, neo èist a-rithist a dhèanamh. Carson tha an atharrachadh seo air a thighinn, agus ciamar a gheibh daoine thall-thairis air èisteachd? Tha Mairead Màiri Mhoireach, ceannard sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, a' bruidhinn ri Cathy mu na h-atharrachaidhean.
Le strì às ùr ann an Siria eadar mion-shluagh nan Druze agus na treubhan Bedouin san dùthaich, tha eòlaiche an Ear Mheadhanaich Iain Mac a' Phearsain a' mìneachadh cò dìreach a th' anns na Bedouin - agus carson a tha iad fhèin agus na Druze a' dol a-mach air a chèile.
'S iomadh duine againn a tha a' lorg taighean-òsta thall thairis mun àm sa dhen bhliadhna - is gu leòr a' gabhail turasan samhraidh air làithean-saora, neo a chèilidh air càirdean is caraidean. Ach dè bhios sinn a' lorg ann an taigh-òsta? Sin a' cheist a th' aig Cathy NicDhòmhnaill do thriùir: Màiri NicLeòid, Mina NicNeacail, agus Sandra Corbett.
Agus a' bruidhinn air tìde mhath an t-samhraidh - tha sinn cuideachd a' cluinntinn mu mar a tha Arcaibh a' còrdadh ris an iomadach eileanach a tha thall an-dràsta airson Geamannan nan Eilean.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 17 Jul 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Jul 202521:00BBC Radio nan Gàidheal