
le Cathy NicDhòmhnaill
Cuimhneachain air Fionnlagh J Dòmhnallach nach maireann, 100 bliadhna bho rugadh e. Remembering the late and much-esteemed broadcaster Finlay J MacDonald 100 years since his birth.
Dè dìreach a th' anns a' bhile mhòr bhrèagha aig Dòmhnall Trump? Tha ceann-suidhe nan Stàitean air connspaid gu leòr adhbhrachadh le bile anns a bheil iomadach car is atharrachadh: bho chùram slàinte, gu fiachan is easbhaidh Ameireaga. Tha am fear-naidheachd Derek MacAoidh air a bhith sgrùdadh na tha anns a' bhile, a tha air iomadach argamaid adhbhrachadh.
Le 100 bliadhna bho rugadh an sàr-chraoladair Fionnlagh J Dòmhnallach nach maireann, tha Cathy cuideachd a' faighinn facal air ceathrar a bha eòlach air: Ceitidh Anna NicChoinnich, Iain MacIlleMhìcheil, Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn, agus Ùisdean MacIlleFhinnein.
Agus cluinnidh sinn mu ghalair na teanga guirme, a tha ag adhbhrachadh iomagain do dhaoine tha a' cumail stuic ann an Alba: is e a' sgaoileadh gu h-aithghearr ann an Sasainn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 3 Jul 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 Jul 202522:25BBC Radio nan Gàidheal