
le Cathy NicDhòmhnaill
Iain Caimbeul agus Iain Stephen Moireastan le sùil air pàipearan naidheachd an deireadh sheachdain. Iain Campbell and Iain Stephen Morrison discuss the weekend's newspaper columns.
Gach Diluain bidh dithis cuide ri Cathy le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh sheachdain. An-diugh 's iad Iain Caimbeul agus Iain Stephen Moireastan a th' air a bhith a' rannsachadh nam pàipearan is a' leughadh nam pìosan - saoil dè bu tharraingiche is a b' inntinniche a lorg iad?
Tha sinn a' cluinntinn mu dà leabhar chloinne a th'air ùr nochdadh 's a Ghàidhlig. 'S e eadar-theangachadh air leabhar ainmeil Judith Kerr, The Tiger Who Came to Tea, a th' ann a An Tìgear a Thàinig Gu Dìnneir. 'S tha sgeulachd mu chat eile ga fhoillseachadh ann an Alba Nuadh an Canada: Bidh Teadaidh ann Deiseil!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 30 Jun 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Jun 202522:25BBC Radio nan Gàidheal