
le Cathy NicDhòmhnaill
'S i Catrìona NicNeacail, a th' air tilleadh a dh' Alba à Sìona, cèiliche na seachdain. Dr Caitriana Nicholson is Cathy's guest on the programme this week.
Thuirt Ùghdarras Farpais is Margaidhean na rìoghachd gur mathaid gu feum Google làraich-lorgaidh eile shanasachd, is ceistean mòra mu fharpaiseachd ann an saoghal an teicneòlais a' cuairteachadh a' chompanaidh. Tha Dòmhnall Dòmhnallach agus Fionnlagh Lawson, a tha le chèile gu math eòlach air saoghal an teicneòlais a' bruidhinn ri Cathy mun trioblaid a tha an cois gu bheil corra chompanaidh teicneòlais gu math cumhachdach sa roinn didseatach.
Le 50 bliadhna bho fhuair Mozambique neo-eisimeileachd, tha Niall Bartlett air a bhith rannsachadh eachdraidh ìmpireachd Portugal.
Agus 's i Dr Catrìona NicNeacail cèiliche na seachdain - is i ag obair air rannsachadh mu chreideamh is cànan aig Oilthigh Dhun Èidinn, as deidh bliadhnaichean ag obair ann an Sìona.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 25 Jun 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Jun 202522:25BBC Radio nan Gàidheal