
le Cathy NicDhòmhnaill
Bheil feum fhathast air duais sgrìobhaidh a dh'aona-ghnothach do bhoireannaich? Do we still need a Women's Prize for Fiction?
'S e boireanneach a bhios os cionn MI6, son a' chiad uair a-riamh nan eachdraidh. Cò i, Blaise Metreweli?
Chaidh Duais nam Ban son Ficsean a' thoirt dhan sgrìobhaiche Yael van der Wouden am bliadhna agus an duais son neo-fhicsean a' dol gu Rachel Clarke. A bheil feum air duais sgrìobhaidh a h-aon a ghnothaich do bhoireannich? Mu tha, carson agus dè mar a tha daoine faireachdainn mu fharpaisean dhen t-seòrsa?
Tha dragh air luchd-saidheans mu stuth ceimigeach a th' ann an aibhnichean air feadh na rìoghachd, 's a bhuaidh a dh' fhaodadh a bhith aige air slàinte gineach dhaoine. Dè dìreach a th' ann a "forever chemical"?
Gach Dimàirt, tha aoighe a' taghadh dithis dhaoine à eachdraidh, a tha'd am beachd a tha airidh air urram. An-diugh, tha Màiri Ward a' taghadh Barbara O' Nèill à Astràilia agus Calum MacMhathain à baile a h-àraich fhèin: Brù ann a Leòdhas. Tha i fhèin ag innse carson.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 17 Jun 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 17 Jun 202522:25BBC Radio nan Gàidheal