Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Tha Cathy air chuairt aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, a tha 100 bliadhna a dh'aois. Cathy and guests mark the 100th anniversary of the National Library of Scotland.

Bha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba 100 bliadhna a dh'aois air a' bhliadhna seo.

Tha còrr air 50 millean leabhar, iris, pàipear, film, mapa is iomadh nì eile air a thasgadh an seo - rud sam bith co-cheangailte ri dualchas na h-Alba.

Cò shaoileadh, mòr agus eireachdail 's gu bheil an togalach seo air Drochaid Sheòrais IV ann an Dùn Èideann, gu bheil còig ùrlaran deug san àite, le deich dhiubh fon talamh. Tha co-dhiù dà mhìle rud a' tighinn thuca gach seachdain agus 's ann an seo a tha an cruinneachadh as motha de leabhraichean Gàidhlig san t-saoghal.

As t-earrach, bha Cathy aig an Leabharlann Nàiseanta 'son coinneachadh ri triùir a tha gu math dèidheil air an àite: Angela NicEachen a chuir ùine seachad ag obair air tasglann na Gàidhlig an seo, Màiri Kidd a tha na sgrìobhaiche agus na Stiùiriche air Comunn Crann na h-Alba agus Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh.

An-diugh, tha sinn a' faighinn cothrom eile èisteachd ris a chòmhradh a bh' aca.

15 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 30 Dec 202522:25

Broadcasts

  • Tue 3 Jun 202509:00
  • Tue 3 Jun 202522:25
  • Tue 30 Dec 202509:00
  • Tue 30 Dec 202522:25