
le Cathy NicDhòmhnaill
Carson a tha e cudtromach a bhith tàladh fiadh-bheatha gu ar liosan? On National Garden Wildlife Week, how do you attract wildlife to your garden and why does it matter?
Tha an t-seachdain seo ga chomharrachadh mar National Garden Wildlife Week, son ar stiùreadh gu bhith nas mothchail air fiadh-bheatha nar gàrraidhean. Dè ghabhas a dhèanamh agus carson a tha e cudtromach?
Tha beachdan gan tional an dràsta bho choimhearsnachdan air feadh na rìoghachd mu mar a tha BT an dùil cuir as do na ceudan bhogsaichean-fòn. An-diugh, ann an còmhradh bhon tasglann againn, tha ceathrar a' cuimhneachadh air an t-àite a bh' aig bogsa-fòn nar beatha uaireigin!
'S e Calum MacLeòid, cèiliche na seachdain. 'S ann à Breascleit ann a Leòdhas a tha Calum ach tha e air a bhith tàmh an Inbhirnis bho chionn 45 bliadhna. Tro na bliadhnaichean, thug obair choimpiutaireachd e gu diofar àiteachean 's bho dheireadh chuir e companaidh I.T air chois e fhèin. Tha e a-nise air a dhreuchd a' leigeal dheth 's e faighinn tlachd à oghaichean, à gàirnealachd agus o bhith siubhal fad is farsaing ann a dachaigh-mhotair.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 28 May 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 May 202522:25BBC Radio nan Gàidheal