Main content

còmhla ri Iain Moireasdan
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan a' coimhead air adhart gu deireadh seusan Prìomh Lìog na h-Alba le àitichean Eòrpach agus an t-àite playoff aig a' bhonn ri dhearbhadh fhathast. Cò a thig am bàrr aig deireadh seusan iongantach an SWPL? Thèid sin a fhreagairt aig Ibrox nuair a thèid Rangers an aghaidh Hibs Là na Sàbaid. Tha Cupa MhicThàmhais agus Cupa Comann Cheilteach Ghlaschu air ìre nan iar-chuairtean deireannach a ruighinn. Agus tha Farpais a' PhGA, an dàrna farpais mhòr dhen t-seusan ann an goilf, a' leantainn aig Cluba Quail Hollow.
Last on
Sat 17 May 202509:00
BBC Radio nan Gàidheal
