
Blàr na h-iarmailt san Roinn Eòrpa
Am Bomair. Am blàr anns an adhar san Dàrna Cogadh. Le Dòmhnall MacLeòid. Firsthand accounts from Royal Air Force pilots during World War Two.
‘S gann gu robh obair cho fìor chunnartach ri dhèanamh anns an Darna Cogadh ri bhith a' sgeith itealan-cogaidh. Chaill mu 55,000 neach bho Feachd an Adhar am beatha thairis air sia bliadhna a' chogaidh. Bha treineadh teann ri dhèanamh agus cha b’ e a h-uile duine a bh’ air an taghadh airson a dhol dhan adhar.
Cha robh Breatann a' faireachdainn ro mhisneachail le mar a chaidh le a h-ionnsaighean adhair aig toiseach chùisean - gu h-àraid an taca ri mar a bha dol leis an Luftwaffe. Cha robh luchd na h-itealain fhèin a gabhail cus gnothach ris a sin, cha robh iad a' dèanamh ach mar a dheigheadh iarraidh orra agus b’ e thighinn às beò bu mhotha bh’ air an aire. Bha e follaiseach gu leòr dhaibh gu faodadh sin a bhith gle mhì-choltach 's na Gearmailtich a' dèanamh a' chùis air itealain trom Bhreatainn gun cus duilgheadeas agus cha robh ach aon anns gach ceithir itealan Breatannach air bualadh air an cuid thargaidean anns a' Ghearmailt.
Cluinnidh sinn bho Alasdair Moireasdan, Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach agus Calum Robasdan mun t-seirbheis aca san RAF.
Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 12 May 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 May 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 May 202510:00BBC Radio nan Gàidheal