
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill.
Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
A' comharrachadh 80 bliadhna bho thachair Là Buaidh na h-Eòrpa cluinnidh sinn clàraidhean à tasglann BBC Radio nan Gaidheal. Cuimhneachain bho dhaoine a bha aig an taigh nuair a bhris a' naidheachd gu robh An Dàrna Cogadh air a thighinn gu crìch.
Cluinnidh sinn mu sreath de phrògraman ùr a tha a’ tòiseachadh air BBC Alba aig naoi uairean a-nochd. Tha Mnathan-brathaidh An Dàrna Cogaidh ag innse sgeulachd iongantach mu sianar mhnathan gaisgeil, seòlta a bha an sàs ann an obair-brathaidh aig àm an dàrna Cogaidh.
Tha an fhilm-aithriseach, 'Ocean with David Attenborough', dha fhoillseachadh as na taighean-deilbh a-màireach, air an dearbh latha sa tha e fhèin a' ruighinn 99 bliadhna a' dh' aois As an fhilm tha Attenbourgh airson aire dhaoine a tharraing gu mar a tha an cuan air atharrachadh as an uine a tha e fhèin air a bhith beò. Gheibh sinn beachd dithis de mharaichean a' chuain air mar a tha iadsan a' faicinn cuisean as na sgìrean mara aca fhèin.
Agus tha Iona Commons air a bhith a' rannsachadh nan leabhraichean a tha rin lorg sna bùithtean carthannais.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 8 May 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 8 May 202522:25BBC Radio nan Gàidheal