
còmhla ri Iain Moireasdan
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan a' coimhead air cò an sgioba a bhuannaich Championship na h-Alba oidhche Haoine agus a' toirt sùil air adhart chun a' ghèam Old Firm mu dheireadh dhen t-seusan. Cuideachd tha geamannan cudromach san SWPL agus sna h-Eileanan an Iar ann an Cupa a' Cho-Op. Thèid coimhead air mar a tha cùisean a' dol aig a' Chrucible is Farpais Snùcair na Cruinne air na h-iar-chuairtean deireannach a ruighinn. A bharrachd air an sin, thèid beachdachadh air geamaichean iomain na deireadh seachdain a thuilleadh air gèam mòr do sgioba rugbaidh Dhùn Èideann is iad ag amas air cuairt dheireannach Cupa Dùbhlain na h-Eòrpa a ruighinn.
