
le Cathy NicDhòmhnaill
'S e an tuathanach Iain MacAonghais, à Port nan Long, cèiliche na seachdain. With lambing in full swing across the country, Iain MacInnes from Portnanlong is this week's guest.
Cluinnidh sinn an-diugh fhathast dè a tha air fàire a thaobh cìsean air gnothaichean a tha tighinn ‘sa falbh à Aimeireagaidh. Ach dè na nithean àbhaisteach a tha air an liosta? Tha an t-eòlaiche eaconomagach, Coinneach MacMhathain, air a bhith a' toirt sùil air an liosta agus cluinnidh sinn bhuaidhe mar a bheir na cìsean buaidh oirnn.
Tha sreath ùr den phrògram Lios Mhàiri a' tòiseachadh air BBC Alba an ath-oidhche. Tha Màiri NicGilliosa air ais anns a’ ghàrradh aice ann an Ùige, Leodhais 's bith i cuideachd a’ tadhal air iomadh gàirnealair inntinneach a bheir fiosrachadh agus brosnachadh dhi.
Buinidh cèiliche na seachdain sa, Iain MacAonghais, de Port nan Long, ged a tha e an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Ghòrdain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 2 Apr 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Apr 202522:25BBC Radio nan Gàidheal