
Fios 's Faireachdainn
Mar a bhathas a' faighinn naidheachd tro wireless, phaipearan-naidheachd 's thelegraman tron Dàrna Cogadh. Memories of getting news via radio, newspapers and telegrams during WW2.
Bidh ceithir fichead bliadhna sa Cheitein bho sguir an Dàrna Cogadh sa Roinn Eòrpa agus airson sin a chomharrachadh tha sreath againn às an tasglann Strì gu Sìth – Aig an taigh - cuimheachain dhaoine a bh’ aig an taigh aig àm a’ chogaidh, 's a bh’ air an clàradh ann an co-bhonn ri Proiseact nan Sgeulachd aig cruinneachaidhean ann an Uibhist, am Barraigh, anns na Hearadh, a Leòdhas, an Glaschu, an Inbhir Nis agus anns an Eilean Sgitheanach ann an 2005
An-diugh tha sinn a’ cluinntinn mar a bha fiosrachadh a’ tighinn a dhachanann bhon wireless, paipearan-naidheachd agus telegraman. Tha am prògram air a thoirt thugainn le Sheila NicLeòid.
Cluinnidh sinn bho na leanas: Èòin Dòmhnallach, Calum MacLaomainn, Màiri Bell Nic a' Bhreatnaich, Dòmhnall Dòmhnallach, Alaig MacAmhlaigh, Eachann MacChoinnich, an Dr Iain Moireach, Aonghas Fearghasdan, Murchadh MacLeòid, Dòmhnall Donnchadh Caimbeul, Màiri NicDhòmhnaill, Nan NicIllÌosa, Catrìona NicIllEathain, Dòmhnall MacAoidh, Murchadh Moireasdan, Mòr NicLeòid, Norma NicSuain, Lachaidh MacIllÌosa, Màiri NicNèill, Màiread Nixon agus Tormod MacIain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 31 Mar 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Apr 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Apr 202510:00BBC Radio nan Gàidheal