
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
'S iad Siùsaidh NicDhonnchaidh agus Iain X MacÌomhair a tha a' toirt dhuinn taghadh bho na colbhan. Suzie Roberts and Iain X MacIver review the weekend opinion columns with Cathy.
'S iad Siùsaidh NicDhonnchaidh agus Iain X MacÌomhair a tha cuide ri Cathy NicDhòmhnaill an-diugh 's iad len taghadh fhèin bho cholbhan nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain.
Cluinnidh sinn bho Angela NicFhionghuin mu mar a tha Smuain na Maidne, a tha ri chluinntinn gach latha tron t-seachdain air BBC Radio nan Gàidheal, a-nise ri fhaotainn mar phodcast.
Nì Patsi NicChoinnich lèirmheas air Adolescence, sreath ùr a tha ri fhaicinn air Netflix. Tha an dràma, mu dheugaire a tha fo chasaid muirt, air tòrr moladh fhaighinn air sgàth 's cho math 's a tha an cleasachd agus cuideachd an dòigh san deach fhilmeadh, ann an aon ruith gun stad.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 17 Mar 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Mar 202522:25BBC Radio nan Gàidheal