
le Cathy NicDhòmhnaill
Beachd air film ùr mun mhodail ainmeil, Twiggy 's cultar na 60an ann am Breatainn. Christine Morrison reviews a new film about the rise to fame of model Twiggy in 1960s Britain.
Tha muinntir Chanada a’ cur earbsa san fhear a bha roimhe na riaghladair air Banca Shasainn, Mark Carney, gus an stiùireadh mar Phrìomhaire tro na mìosan agus bliadhnaichean a tha romhpa. Tha an t-Àrd-ollamh, Rob Dunbar à Canada a' toirt beachd air dè bhios ro Mhaighstir Carney agus an dùthaich san àm ri teachd.
Bidh an creideamh Muslamach a' comharrachadh deireadh Ramadan a dh' aithghearr. Glè thric, 's ann le bhith ag ithe deataichean - meas a tha lìonmhòr san Ear-mheadhanach - a bhios sin ga dhèanamh. An-diugh, tha an còcaire Alasdair MacLeòid a' toirt sùil air an eachdraidh inntinneach a th' aig deataichean 's am màitheas a tha ri fhaighinn asta.
Tha film ùr mun mhodail ainmeil Twiggy, ri fhaicinn anns na taighean-deilbh an-dràsta. Choisinn Twiggy, àrd chliù tro na 60an nuair a nochd i an toiseach mar mhodail aig àm nuair a bha atharrachadh mòr a' tighinn air cultar Bhreatainn. Tha Cairistìona Mhoireasdan air fhaicinn, 's i a' toirt beachd air.
Gach seachdain an-dràsta, tha sinn a' cuir aoighe a-mach gu bùth charthannais le £10, feuch dè na leabhraichean air am faigh iad lorg. An-diugh, tha Shelagh Chaimbeul ag innse mu na fhuair i fhèin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 13 Mar 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 13 Mar 202522:25BBC Radio nan Gàidheal