
le Cathy NicDhòmhnaill
'S iad Iain Caimbeul agus Iain X MacÌomhair a tha a' toirt sùil air colbhan nam pàipear. Iain Campbell and Iain X MacIver review the weekend's news columns with Cathy MacDonald.
Gach Diluain tha dithis cuide ri Cathy le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh sheachdain - agus 's iad Iain X MacÌomhair agus Iain Caimbeul a tha a' toirt sùil air ais air na pàipearan air an Diluain sa. Saoil dè na cuspairean, is cò na sgrìobhaichean, a ghlac an aire?
Tha Pàdraig MacAmhlaigh còmhla rinn son eachdraidh oighreachd Inbhir Bhraoin innse - oighreachd a tha air a h-ùr cheannachd le Urras nam Fiadh-Bheathaichean.
Agus ro-shealladh air dealbh-chluich stèidhte san Eilean Sgitheanach, sgrìobhte is air a stiùireadh le Lana Pheutan - Eilidh, Eilidh, Eilidh. Ri fhaicinn an Glaschu gu oidhche Shathairne, ciamar a tha i fhèin agus na cleasaichean a' riochdachadh trioblaidean taigheadais air àrd ùrlar an Òrain Mhòir?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 10 Mar 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Mar 202522:25BBC Radio nan Gàidheal