
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha an cnatan na phlàigh do mhòran an dràsta. Ach a bheil cail cho càilear neo cho math dhuinn ri brot circe nuair a tha an cnatan oirnn? Bha Cathy ann an còmhradh ri triùir mu na dòighean as fheàrr leotha fhèin a bhith ga dheànamh.
Air Seachdain na Gàidhlig, Bha aoighean à Ìle, Leòdhas agus na Hearadh a' taghadh na facail, am briathrachas agus na gnàthsan-cainnte as fhèarr leotha fhèin.
Tha snàmh 's an fhairge air grèim mhòr fhaighinn air daoine 's na bliadhnaichean a chaidh seachad. Bha sinn a' bruidhinn ri fear a thòisich air a sin fada mus tàinig e gu bhith na nòs ùr. Tha faisg air 90 bliadhna bhon a thòisich Roddy Ailig Moireastan a' snàmh, 's e fhathast ga dheànamh grunn thurais 's an t-seachdain!
Gach Diardaoin an dràsta, tha aoighe dol gu bùth charthannais, feuch dè na leabhraichean a gheibh iad son £10. Bha Fionnlagh MacSuain air a bhith a' rùrachd is a' sporghail agus saoil dè fhuair e?
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 2 Mar 202512:00BBC Radio nan Gàidheal