
le Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà. Le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.
An t-seachdain-sa chaidh, chòmharraich an t-siabann Eastenders an 40mh ceann-bliadhna aca le prògram a chaidh a chraoladh beò. Shoirbhich le gach cleasaiche ann a bhith a' cuimhneachadh na loidhnaichean aca ann an suidheachadh a bha gu tur neo-àbhaisteach dhaibh. Cluinnidh sinn bho Carina NicLeòid agus Artair Donald mu dè cho dùbhlanach sa tha e do chleasaichean a bhi beò air àrd-ùrlar.
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' meòrachadh air cead a thoirt do thaigh-staile ann an Sasainn 'mac-na-bracha' a ghabhail air an t-uisge beatha aca. Tha gu leòr ann an Alba, Comunn Uisge-Beatha na h-Alba nam measg, mì-thoilichte mu dheidhinn seo. Tha iad draghail mun dhroch bhuaidh a dh'fhaodadh a leithid a dheanamh air iomhaigh uisge-beatha Albannach air feadh an t-saoghail agus le sin, gniomhachas a tha cho cudtromach do eaconamaidh na h-Alba. Saoil de beachd a th'aig Murchadh Caimbeul, a bha e fhèin iomadh bliadhna ag obair ann an gnìomhachas?
Agus tha Callum MacNeacail a' beachdachadh air na prìomh chòig cluicheadairean rugbaidh as fheàrr leis.
Last on
More episodes
Previous
Music Played
![]()
Katie Gregson-MacLeod
Teenage Love
- Teenage Love.
- Last Recordings On Earth / Communion Records.
- 1.
![]()
Oasis
Whatever
- Smash Hits '95 (Various Artists).
- Telstar.
![]()
Nothing But Thieves
Overcome
![]()
Rod Stewart
Baby Jane
- The Best Of Rod Stewart.
- Warner Bros.
![]()
LUSA
Coloured In (feat. Beth Malcolm)
![]()
Peter Katz
Halo
Broadcasts
- Wed 26 Feb 202512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Feb 202521:00BBC Radio nan Gàidheal
