
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh le Hearach, aois 92, a bhios fhathast a snàmh grunn thursan 's an t-seachdain! A chat with a 92-year-old island superswimmer.
Air Seachdain na Gàidhlig, tha aoighean à Ìle, Leòdhas agus na Hearadh a' taghadh na facail, am briathrachas agus na gnàthsan-cainnte as fhèarr leotha fhèin.
Cha bheag an àite a th' air a bhith aig irisean Gàidhlig thar nam bliadhna. Tha luchd-deasachaidh ùr aig iris STEALL, a bhios a' foillseachadh sgrìobhadh de gach seòrsa -
tha'd a' sireadh sgrìobhaidhean agus sgrìobhadairean ùra. Gheibh Cathy facal air Tòmas MacAilpein, a tha na dheasaiche air rosg na h-irise.
Tha snàmh 's an fhairge air grèim mhòr fhaighinn air daoine 's na bliadhnaichean a chaidh seachad. Tha sinn a' bruidhinn ri fear a thòisich air a sin fada mus tàinig e gu bhith na nòs ùr. Tha faisg air 90 bliadhna bhon a thòisich Roddy Ailig Moireastan a' snàmh, 's e fhathast ga dheànamh grunn thurais 's an t-seachdain!
Gach Diardaoin an dràsta, tha aoighe dol gu bùth charthannais, feuch dè na leabhraichean a gheibh iad son £10. An-diugh, tha Fionnlagh MacSuain air a bhith a' rùrachd is a' sporghail agus saoil dè fhuair e?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 27 Feb 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Feb 202522:25BBC Radio nan Gàidheal