
le Cathy NicDhòmhnaill
'S iad Calum Steele agus Donalda NicThòim a tha a' toirt dhuinn taghadh bho na colbhan. Calum Steele and Donalda McComb give Cathy their selection from the weekend opinion columns.
'S iad Calum Steele agus Donalda NicThòim a tha an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill an-diugh le 'n sùil fhèin, is am beachdan fhèin, air cuid de cholbhan beachd na deireadh sheachdain. Saoil dè na cuspairean is na h-argamaidean a ghlac an aire?
Cluinnidh sinn cuideachd bho Phàdruig Moireasdan mu mar a tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba air an rathad sna seachdainean a th' air thoiseach oirnn, le tachartasan air feadh na Gàidhealtachd.
Agus bidh Àdhamh Ó Broin is Mairi Anna NicUalraig comhla ri Cathy le iomradh air tachartas cultarail air leth ann an Àrd Gobhar air an deireadh sheachdain seo tighinn - Làmhan Thar Na Linne - sa bheil iad fhèin a' gabhail pàirt.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 17 Feb 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Feb 202522:25BBC Radio nan Gàidheal