
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu math diombach gu bheil Buidheann Banca Lloyds an dùil 14 meur de Bhanca na h-Alba a dhùnadh eadar seo agus an Cèitean 2026. Seo an dèidh dhaibh 45 banca a dhùnadh an-uiridh. Tha Mgr Swinney a' cur às leth Lloyds gu bheil iad "a' fàiligeadh" choimhearsnachdan na h-Alba le bhith a' dùnadh bhancaichean. Fhuair sinn beachd bho thriùir air a' bhuaidh a tha e a' toirt air coimhearsnachdan nuair a tha banca a' dùnadh.
Tha sinn a' tòiseachadh sreath ùr, Gaisgeach ann an Eachdraidh, far a bheil sinn ag iarraidh air neach taghadh cò a tha iadsan a' smaoineachadh a tha airidh an tiotal Gaisgeach ann an Eachdraidh. Fhuair sinn taghadh aig Niall Bartlett - Patrick Leigh Fermor agus Donnchadh MacCoinnich.
B' e Coinneach MacMhathain cèiliche na seachdain. Tha gu leòr de luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal eòlach air mar eòlaiche ionmhais - ach aig àm nuair a tha na margaidhean agus saoghal an ionmhais gu mòr sna pàipearan naidheachd, ciamar a fhuair e fhèin air adhartas a dhèanamh sa ghnìomhachas? Agus am moladh e bancaireachd do dhaoine òga an-diugh, mar a chaidh a mholadh dha fhèin?
'S ann air bàrdachd nan eilean a bha Catrìona Dunn a-mach - agus an obair a tha i air a bhith dèanamh a' cruinneachadh na dàin is òrain a rinn Ciorstaidh NicLeòid, piuthar a seanmhair. Sgeul teaghlaich agus beul-aithris anns a' Rubha, ann an Eilean Leòdhais.
Last on
Broadcast
- Sun 9 Feb 202512:00BBC Radio nan Gàidheal