
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha na meadhanan sòisealta ag adhbhrachadh buaireadh is deasbad gu leòr – agus an-dràsta, ‘s e an app Tiktok a th’ aig meadhan stoirm de dh’ argamaidean ann an Ameireaga. Bidh còrr air 170 millean duine ga chleachdadh ann an Ameireaga; tha faisg air dà bhillean cunntas air an app air feadh an t-saoghail. Dè th’ ann? Agus carson a tha e ann an cunnart a bhith air a chasg ann an Ameireaga? Tha riochdaire nam meadhanan sòisealta aig Radio nan Gàidheal, Krisell NicDhòmhnaill, còmhla ri Cathy son a' chùis a mhìneachadh.
Gach Faoilleach, tha cruinneachadh de dhealbhan air am peantadh leis an t-ealanaiche ainmeil, Joseph Turner (1775-1851) ri' m faicinn ann a Dùn Èideann. Air a gheamhradh seo, son a chiad uair riamh, tha dealbhan Turner a th' air an glèidheal aig Gailearaidh Nàiseanta na h-Èirinn, air a thighinn a dh'Alba. Tha Cathy air chuairt aig Gailearaidh Nàìseanta na h-Alba gus am faicinn, 's na cois, tha an t-ealanaiche Iseabail Mhoireach, a tha fìor dheaghal air obair Turner.
Cluinnidh sinn mu thaisbeanadh Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich aig an Institut Francais ann an Dùn Eideann aig an deireadh sheachdain - City Space, dà fhiolm ghoirid a chlàr e ann am Paris agus Berlin, is a tha rim faicinn saor an-asgaidh aig an Institut Disathairne is Latha na Sàbaid.
Agus tha sinn a' dèanamh luaidh air Murchadh Moireasdan nach maireann, a chuir ri iomadach prògram aig Radio nan Gàidheal thar nam bliadhna. Cluinnidh sinn ath-chraoladh de thuras a ghabh e fhèin agus Coinneach MacÌomhair gu dachaigh Burns, bàrd air an robh Murchadh gu math dèidheil agus bàrdachd air an robh e air leth eòlach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 23 Jan 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 Jan 202522:25BBC Radio nan Gàidheal