
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha ar saoghal obrach air atharrachadh bho làithean Covid, le mòran fhathast ag obair bhon dachaigh. Ach dè cho math sa tha an dòigh obrach seo dhuinn agus dhan eaconamaidh? Sin a cheist a thog iris dhen phrògram telebhisein, Panorama, a-raoir. Tha triùir ann an còmhradh ri Cathy mun a phrògram agus iad cuideachd a' toirt am beachd fhèin air a chuspair.
Ghabh tè de na speuradairean air bòrd a Stèisean Fànais Eadar-naiseanta (ISS) cuairt a-mach bhon stèisean an t-seachdain a chaidh. Seo a chiad uair a rinn Suni Williams "spacewalk" mar a chanar ris. Tha i air a bhith shuas ann a fànas son 7 mìosan a-nise, ged nach robh còir aice bhith ann ach 8 là. Dè seòrsa buaidh a tha turais dhan fhànais a' toirt air ar bodhaig?
Le ceistean às ùr mu bhile croitearachd a tha san amharc aig a' riaghaltas - dè dìreach a th' anns a' bhile, agus dè na h-atharrachaidhean a dh' adhbhraicheadh e?
Tha Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air beatha agus obair an cleasaiche Joan Plowright, a chaochail air an t-seachdain'sa chaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 21 Jan 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Jan 202522:25BBC Radio nan Gàidheal