
Dealbh-chluich Sgoil 'icNeacail, Steòrnabhagh
Dealbh-chluich le Sgoil 'icNeacail ann a Steòrnabhagh a' comharrachadh dìleab a' Mhorair Leverhulme. The Nicolson Institute's play on Lord Leverhulme's legacy 100 years on.
As t-earrach am-bliadhna bha sgoiltean Leòdhais ‘s na Hearadh a’ comharrachadh ceud bliadhna de eachdraidh a’ Mhorair Leverhulme sna h-eileanan agus, ri linn mar a dh’fhàg e an talamh aca, mar a chaidh a’ chiad urras fearann coimhearsnachd riamh a stèidheachadh ann an 1924 fo ainm Urras Steòrnabhaigh. Rinn cuid de sgoiltean deilbh-chluich airson a’ Mhòid agus chaidh ceithir chuirmean a chur air chois fo sgèith a’ phròiseict, Dìleab.
A seo cluinnidh sibh sgoilearan Sgoil ‘IcNeacail leis an dealbh-chluich acasan air àrd-urlar a Lanntair ann a Steòrnabhagh agus Aonghas MacIllInnein ‘s Coinneach MacÌomhair ag innse na sgeòil.
Fhuair Dìleab-Leverhulme - compàirteachas eadar Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus Fèisean nan Gàidheal - taic bho Riaghaltas na h-Alba agus chaidh an dealbh-chluich a chlàradh le Sgioba Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar.
Last on
Broadcast
- Christmas Day 202412:00BBC Radio nan Gàidheal