Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fred MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan mu bheatha ’s mu bhàrdachd. The late Fred MacAulay discusses his life and poetry with Donald Morrison.

Tha ceud bliadhna an-diugh bho rugadh an t-sàr chraoladair, an sgoilear eachdraidh agus canàin, am bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, an t-Uibhisteach, Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.

Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air a sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.

Sa phrògram seo 's ann air a shinnsireachd agus eachdraidh sgìre Sholais, a theaghlach a bha cho gràdhach aige, a làithean sgoile an Uibhist agus buaidh a' chogaidh air a bheatha a tha iad a-mach.

Cluinnidh sinn cuideachd a bhàrdachd aige - 'Seonaidh Aonghais Bhàin', 'Uilleam a’ Mhiseanaraidh', 'Tilleadh', 'Freumhaichean', 'Còmh-Thràth Mo Bheatha', 'Dòmhnall Bàn' agus 'Mòr-Anna'.

57 minutes

Last on

New Year's Day 202521:00

Broadcasts

  • New Year's Day 202509:00
  • New Year's Day 202521:00