
a' cèilidh air Griogair MacCarmaig
Coinneach Mac a' Ghobhainn le prògram sònraichte cuide ri Griogair MacCarmaig san Apainn. Coinneach Smith interviews Griogair MacCormack in Appin about his life and memories.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air turas dhan Apainn, far a bheil e a' cèilidh air Griogair MacCarmaig, fear dhen fheadhainn mu dheireadh sa sgìre aig a bheil a' Ghàidhlig. Ged 's ann à Lios Mòr a tha e bho thùs, tha e air a bhith ag obair air a' chroit aige anns an Apainn a-nise airson còrr air 60 bliadhna, is e air leth comasach le innealan a chumail is a chàradh.
Eadar sgeulachdan an teaghlaich mu bhràthair athair, a chaidh a mhuirt le tùsanaich ann an Afraga; innealan àiteachais agus tractaran còrr air 100 bliadhna a dh' aois; agus mar a tha a' Ghàidhlig air tilleadh dhan teaghlach aige le bhan-ogha Ciorstaidh ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha cèilidh air leth inntinneach aig Coinneach còmhla ri Griogair ann an Gàidhlig mhath na sgìre.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Fri 3 Jan 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 4 Jan 202500:00BBC Radio nan Gàidheal