Episode 7
Tha Abigail a’ dèanamh Deoch Pòg an Draoidh-lus, math aig àm na Nollaig. Abigail prepares a mistletoe kiss cocktail, perfect for the festive season.
Tha cocktails daonnan rim faighinn agus tha seo cuideachd fìor airson àm na Nollaig. ’S e Deoch Pòg an Draoidh-lus an dearbh rud a bu chòir a ghabhail nuair a tha càirdean is caraidean a’ cèilidh. Tha Abigail a’ sealltainn mar a nì sinn an deoch taitneach seo a tha ga dhèanamh gu h-àraidh mun àm seo dhen bhliadhna.
Cocktails are ever-present, and the festive season is no different. The mistletoe kiss cocktail is the perfect drink to make when you have family and friends round to celebrate! Abigail shares a tasty mixture specially made for this time of year.
In Gaelic with English subtitles
Last on
DEOCH PÒG MISTLETOE (MISTLETOE KISS COCKTAIL)

Airson an t-siorap ròs-Mhoire
½ cupan bùrn
½ cupan siùcar gràinneach
1 geug ròs-Mhoire
Airson na dighe
180ml vodka
Sùgh 2 liomaid
60ml siorap ròs-Mhoire
Bùrn balganta
dòrlach de dhearcan reòite
sùgh dearcan-fraoich
2 gheug ròs-Mhoire
Airson an t-siorap ròs-Mhoire a dhèanamh
Measgaich am bùrn agus an siùcar ann am pana beag air teas meadhanach àrd. Thoir chun a’ ghoil, ga mheasgachadh an-dràsta ’s a-rithist gus an siùcar a leaghadh. Leig leis goil airson còig mionaidean, thoir far an teas agus cuir geug ròs-Mhoire ris. Leig leis an ròs-Mhoire tarraing airson timcheall air 15 mionaidean, agus an uair sin sad air falbh e. Dòirt an t-siorap ann an cnogan glainne no botal, ga fhàgail gus am fuaraich e, ga chòmhdach agus an uair sin ga chuir dhan fhuaradair.
Airson an deoch a dhèanamh
Dòirt vodka, sùgh liomaid agus siorap ann an crathadair dighe air a lìonadh le deigh. Còmhdaich agus crath gu math airson a mheasgachadh. Roinn eadar dà ghlainne air an lìonadh le deigh, a’ cuir an deigh tro shìoltachan fhad ’s a thathar ga dhòirteadh. Lìon na glainnichean gu bheil iad ¾ làn. Cuir uisge balganta dhan na glainnichean agus sgeadaich le dhà no trì dearcan reòite. Cuir druthag bheag de shùgh dhearcan-fraoich ri gach glainne agus sgeadaich le geug ròs-Mhoire, airson a chleachdadh mar inneal-measgachaidh.
MISTLETOE KISS COCKTAIL
For the rosemary syrup
½ cup water
½ cup granulated sugar
1 sprig rosemary
For a small batch
180ml vodka
Juice of 2 lemons
60ml rosemary syrup
Sparkling water
Handful of frozen berries
Cranberry juice
2 sprigs of rosemary
To make the rosemary syrup
Combine the water and sugar in a small saucepan set over a medium-high heat. Bring to the boil while stirring occasionally to dissolve the water. Allow the mixture to boil for 5 minutes then remove from the heat and drop in a sprig or rosemary. Allow the rosemary to steep for about 15 minutes and then discard the rosemary. Pour the syrup into a glass jar or bottle, cool to room temperature, cover and refrigerate.
To make the cocktail
Pour vodka, lemon juice and syrup into a cocktail shaker filled with ice. Cover and shake well to blend. Divide mix between 2 glasses filled with ice, strain the ice from the shaker as you pour. Fill the glasses to ¾ full. Top with sparkling water and add a few frozen berries to garnish. Add a splash of cranberry juice to each glass and garnish with a sprig of rosemary, to use as a stirrer.
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Presenter | Abigail Maciver |
| Producer | Kenneth Stewart |
| Executive Producer | Fiona Mackenzie |
| Production Manager | Mairi Macleod |
Broadcast
- Sat 20 Dec 202517:40
