
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.
Chaidh Ceann-suidhe Shiria, Bashar al-Assad, a' ruagadh a-mach as an dùthaich air an deireadh sheachdain, leis am buidheann Hayat Tahrir al-Sham (HTS). Tha HTS stiùir Abu Mohammed al-Jolani. Tha eòlaiche An Ear-mheadhanaich, Iain Mac a' Phearsain, a' toirt sùil air eachdraidh-beatha Abu Mohammed al Jolani.
Seo an t-àm dhen bhliadhna a bhios oileanaich a' taghadh cuspair trachdais. Dimàirt a chaidh, chuala sinn bho thriùir mu na cuspairean a thagh iad fhèin uaireigin. An t-seachdain'sa tha Makar ùr na h-Alba, Pàdraig MacAoidh a' cuimhneachadh air an cuspair a thagh e fhèin mar oileanach - bàrdachd Wordsworth agus Coleridge. B' e bàrdachd cuideachd a bh' aig Màiri Sìne Chaimbeul ann a 1971 - obair Bàrd Chinn t-Sàile, Iain MacMhurchaidh. Agus b' e riaghaltean bancaireachd an cuspair a bh' aig Eòghainn Mitchison.
Tha leabhar ùr de sgeulachdan goirid, 's a Ghàidhlig agus ann am Beurla air nochdadh bho chionn ghoirid. Tha An Sionnach air a' sgrìobhadh le Graham Cooper. Tha Graham air nobhailean a' sgrìobhadh roimhe ach seo a chiad cruinneachadh aige de sgeulachdan goirid. Tha e ann an còmhradh ri Cathy mun deidhinn.
Thèid rannsachadh as ùr a’ dhèanamh aig làraich far a bheil carraighean-adhlaic ann an Alba. Tha àrc-eòlaichean dhen bheachd gun deach aitichean-adhlacaidh sònraichte a thogail le feadhainn a bha beò aig àm nuadh-chreagach . Tha Coinneach MacIlleathain ann an còmhradh ri Cathy mun a seo.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 10 Dec 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 10 Dec 202422:25BBC Radio nan Gàidheal