
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho na colbhan beachd le Iain Stephen Moireasdan agus Donalda NicThòm. A selection from the opinion columns with Iain Stephen Morrison and Donalda McComb.
Le seachdain mhòr a' Bhuidseat ann am poilitigs Bhreatainn seachad, agus seachdain mhòr an taghaidh air fàire sna Stàitean, 's iad Donalda NicThòm agus Iain Stephen Moireasdan a tha a' toirt sùil air colbhan beachd an deireadh sheachdain.
Cuideachd, cluinnidh Cathy bho Phàdraig MacAmhlaigh mu fhear-gnothachais gu math beartach aig a bheil Tannara Mòr ann an Loch Bhraoin - Iain Wace. Cò e - agus ciamar a chaidh aige air còrr air millean not a thabhainn do dh' uachdaran coimhearsnachd na Còigich, gus oighreachd eile a cheannachd?
Agus tha Sandra Corbett a' dèanamh lèirmheas air a' fiolm ùr, Small Things Like These. Cò ris a tha e coltach an coimeas ris a' leabhar air a bheil e stèidhte - agus ciamar a chòrd e ri Sandra?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 Nov 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Nov 202422:25BBC Radio nan Gàidheal