
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh
Seirbheis còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland parish of Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 27: 11, 12& 13 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 100: 4-5 air fonn St David agus 's e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Lùcas 19: 1-10
Ceann-teagaisg: Lùcas 19
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an àm sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teàrlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 3 Nov 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Nov 202415:00BBC Radio nan Gàidheal