
le Cathy NicDhòmhnaill
'S iad Iain Caimbeul agus Murray MacLeòid a tha a' toirt sùil air colbhan nam pàipearan. Iain Campbell and Murray MacLeod take a look at the weekend's newspaper columns.
Cha bheag na naidheachdan a th' air a bhith sna pàipearan, neo gu dearbha na colbhan beachd mu na naidheachdan. Tha Iain Caimbeul agus Murray MacLeòid a' toirt sgrìob tro chuid dhen fheadhainn a ghlac an aire aig an deireadh sheachdain còmhla ri Cathy.
Cumaidh Comann Eachdraidh Cheann a' Deas na Hearadh òraid Iain Moireasdan, Gobha na Hearadh - a bhiodh ri bàrdachd Chrìosdail anns an 19mh Linn. Cò bh' ann, agus dè an dìleab a dh' fhàg e? Tha Hamish Mac an Tàilleir ag innse an tuilleadh dhuinn ron òraid.
Agus tha Anna Paterson a' toirt dhuinn lèirmheas air dealbh-chluich Èireannach air a bheil Aran is Ìm - a bha ri fhaicinn ann an Dun Èideann aig an deireadh sheachdain, agus a bhios ann an Steòrnabhagh agus san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 28 Oct 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 28 Oct 202422:25BBC Radio nan Gàidheal