
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air clàraidhean èibhinn de Chailleach an Deacoin, a-nis air am foillseachadh às ùr. Comedy recordings of Cailleach an Deacoin from the 60s, recently republished.
Tha Breatainn agus Ameireaga air a bhith a' deasbad o chionn ghoirid mun t-slighe air adhart sa Ucràin - agus air a' cheist mu na dh' fhaodas a' Ucràin a dhèanamh le urchairean is armachd a bheir sinn dhaibh. Am measg nan armachdan sin, tha rocaidean Storm Shadow - ach carson a bhiodh iad sin cho èifeachdach, agus carson a tha a' cheist air uidhir a chonnspaid adhbhrachadh?
Bidh Dòmhnall Saunders nar cuideachd le eisimpleirean de chlàraidhean bho Chailleach an Deacoin - caractar comadaidh a chruthaich is a chluich Murchadh MacMhathain à Grabhair an àrd-ùrlaran Eilean Leòdhais sna 60an is na 70an. Tha cuid a chlàraidhean air an ùr-fhoillseachadh a-nise - ach cò bh' ann am Murchadh, agus ciamar a chruthaich e a' Chailleach?
Cluinnidh Cathy cuideachd mu inbhe is duais sònraichte a thathas air buileachadh air Pàirc Loidse Wilton ann an Hamhaig sna Crìochan - le Iain Tormod MacCoinnich, a tha eòlach air is a' fuireachd faisg air làimh. Ach dè a tha a' dèanamh aon phàirc nas fheàrr na pàirc eile co-dhiù? Sin a' cheist a chuireas sinn cuideachd air triùir eile: Eòghan Stiùbhart, Kirsteen Mhoireach, agus Moira Piazzoli.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 17 Sep 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 17 Sep 202422:25BBC Radio nan Gàidheal