
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha barrachd is barrachd dhaoine ann am Breatainn a' fuireach ann an taighean a th' aca air màl agus, a-rèir choltais, tha iad a-nise ag ràdh nach iarradh iad taigh a cheannach co-dhiù. Ach dè tha sin a' ciallachadh an dà chuid a thaobh airgead dhaoine, agus staid-ionmhais is eaconomaigeach na dùthcha? Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Martainn air a bhith a' rannsachadh.
Tha ola a' chroinn-ola ga mholadh mar shàr bhiadh ùr am measg nan Spàinnteach agus e coltach gu bheil e gu math feumail dhar slàinte. Ach ciamar a chleachdas tu e sa chidsin agad fhèin? Tha an còcaire Alasdair MacLeòid nar cuideachd.
Agus 's e an cleasaiche Iain MacAsgaill a tha na chèiliche aig Cathy agus e dìreach air a' mhìos a chur seachad a' cuideachadh aig Fèis Dhùn Èideann, ged nach eil e fhèin tuilleadh air àrd-ùrlar. Saoil dè na sgeulachdan a bhios aige bhon fhèis, agus bho bheatha mar chleasaiche ann an iomadach dealbh-chluich is prògram, leithid Machair.
Last on
Broadcasts
- Wed 4 Sep 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Sep 202422:25BBC Radio nan Gàidheal