
le Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain MacDonald.
Seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios sinn a’ coimhead romhainn agus a' smaointinn air aodach nas blàithe a bhios againn tron gheamhradh. Tha Anndra MacFhionghain agus Freya NicLeòid ag innse nas urrain dhuinn a chleachdadh dhen stuth a th’ againn sa phreasa, agus mar a dh’fhaodadh sinn cumail suas ri fasan an fhoghair.
Tha tòrr air nochdadh anns na naidheachdan mu dheidhinn còdaichean QR. Tha Luke MacLeòid, a tha a' dèanamh saidheans coimpiutaireachd aig Oilthigh Chill Rìmhinn, a' mìneachadh beagan mun deidhinn agus na rudan air am bu chòir dhuinn a bhith mothachail nuair a tha sinn gan cleachdadh bho là gu là.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 27 Aug 202412:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Aug 202421:00BBC Radio nan Gàidheal