
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha streàn ùr dhen bhìoras monkeypox air sgapadh tro phàirtean de dh’Afraga 's air nochdadh cuideachd ann an dùthchannan eile leithid Thailand agus an t-Suain, a’ ciallachadh gu bheil Buidheann Slàinte na Cruinne a-nis air suidheachadh-èiginn cruinneil a ghairm. Innsidh an t-Ollamh Dùghlas Moireasdan am bu chòir uallach a bhith oirnn mun bhìoras seo?
Leis a' naidheachd gu bheil CalMac a' toirt an MV Hebridean Isles a-mach à seirbheis aig deireadh na bliadhna, cluinnidh sinn bho fheadhainn de luchd-obrach nam bàtaichean-aiseig mu na bataichean às fheàrr leothasan.
Bha Angela NicFhionghuin air chuairt an Uibhist a Deas aig Symposium Cheòlais: Bailtean Trèigte. Cluinnidh sinn an-diugh còmhradh a chlàr i aig làraich bailtean a tha an-diugh bàn mu chuairt Loch Sgiobairt.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 27 Aug 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Aug 202422:25BBC Radio nan Gàidheal