
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.
Tha sinn a' cluinntinn tòrr na làithean sa mu phoilitigs na làimhe clì 's na làimhe deis. Ach cò às a thàinig am briathrachras sin sa chiad àite? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air freumhan nam facail seo ann am poilitigs
Tha an tuilleadh sheanchasan againn bho Rona Lightfoot a chaidh a chlàradh aig Fèis Cheòlais bho chionn ghoirid.
'S e Callum Fionnlasdan, cèiliche na seachdain. 'S ann à Nis ann a Leòdhas a tha Calum 's tha e dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth bho chionn ghoirid, an dèidh seòladh air feadh an t-saoghail mar chaiptein mara. Tha e fhèin 's an teaghlach air a bhith fuireach ann an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal, 's iad a-nise air tilleadh a Leòdhas.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 14 Aug 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Aug 202422:25BBC Radio nan Gàidheal