
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha a' riaghaltas ùr Làbarach ann an Lunnainn air a bhith ga stèidheachadh fhèin thairis air a' mhìos a dh'fhalbh. Am measg na tha san amharc aca, tha cosgaisean agus buidseatan dìon agus an cruth a bhios air feachdan armaichte Bhreatainn sna bliadhnaichean ri thighinn. Tha Alasdair MacLeòid bho BBC Naidheachdan air a bhith a' rannsachadh na cùise, is tha e a' mìneachadh dè dìreach a th' anns a' lèirmheas a tha a' riaghaltas air tòiseachadh.
Innsidh Dùghlas Ross dhuinn mu rannsachadh ùr a tha dearbhadh, aon uair eile, an t-àite a th' aig an Eilean Sgitheanach ann an eòlas a chur air fosailean. Dè an naidheachd às ùr a tha seo mu mhamailean; agus carson a tha Stafainn gu sònraichte cho cudromach anns a' roinn eòlais seo?
Tha Mairianna NicChoinnich a' bruidhinn ri Calum Aonghas MacAoidh mun taisbeanadh ealain ùr aige, UNNAD, a tha ri fhaicinn anns a' Lanntair ann an Steòrnabhagh.
Agus 80 bliadhna bho thòisich nighean òg a' sgrìobhadh leabhar-latha air leth ainmeil, tha Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air na bha Anne Frank a' sgrìobhadh na nighean òg aig àm an Dàrna Cogaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 1 Aug 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 1 Aug 202422:25BBC Radio nan Gàidheal