
Bho mhoch gu dubh!
Angela NicFhionghuin agus Seona NicIllFhialain ag èisteachd ri ceilearadh nan eun bho mhoch gu dubh. Birdsong from dawn to dusk in the trees, on the shore and on the machair.
Anns a' chiad phrògram san t-sreath tha Angela NicFhionghuin a' dèanamh moch-èirigh aig deireadh a' Chèitein agus a' siubhal chun a' Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh, far an do choinnich i ri Shona NicIllFhialain, oifigear coimhearsnachd Chomann Dion nan Eun.
'S e bha fa-near dhaibh ceum a ghabhail tro na slighean timcheall Caisteal Leòdhais airson faicinn agus cluinntinn na bha de dh'eunlaith ann am fonn air an deireadh sheachdain ud. A reir coltais, b' e siud an deireadh sheachdain bu trainge a bhiodh aig na h-eòin a' ceilearadh agus chaidh sin a dhearbhadh dhaibh air a' chuairt aca. Nach tig sibh còmhla riutha air an turas.
Last on
Broadcasts
- Mon 15 Jul 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Jul 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Jul 202410:00BBC Radio nan Gàidheal