
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Le ceistean a' cuairteachadh dreuchd agus slàinte a' Chinn-suidhe Biden, dè cho duilich is a bhiodh e dha luchd-poilitigs Ameireaga tagraiche neo ceann-suidhe ùr a chur na àite? Tha Mìcheal MacAoidh gar stiùireadh tro na riaghailtean agus na comasan a th' aig a' Phàrtaidh Deamocratach agus riaghaltas nan Stàitean.
Ged nach eil an t-sìde air a bhith buileach fàbharach thuige seo, tha daoine air feadh na dùthcha air a bhith a' dèanamh an dìcheall sna liosan agus sna gàrraidhean aca. Ach dè na flùraichean is na sìtheanan as fheàrr le daoine, agus as fheàrr a tha a' fàs am-bliadhna? Sin a' cheist a tha Cathy a' cur air grunnan a tha dèidheil air obair nan lios.
Agus aig àm nuair a tha na colaistean air dùnadh is na h-oileanaich a' gabhail ùine bho na clasaichean aca as t-samhradh, 's i an Dr Marsaili NicLeòid, Iar-Phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, cèiliche na seachdain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 10 Jul 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Jul 202422:25BBC Radio nan Gàidheal