
le Maureen NicLeòid
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Maureen MacLeod.
Carson a tha prìs àrachais taighe a' dol an àirde cho mòr? Tha an t-eòlaiche-ionmhais, Dòmhnall Màrtainn, a' toirt suil air a' chùis.
Dè na sgilean a dh'fheumas deagh mhanaidsear sgioba ball-coise? Tha triùir a th' air a bhith a' leantainn ball-coise fad am beatha, 's aig a bheil eòlas cuideachd air a bhith an sàs ann a sgiobaidhean ionadail, ann an còmhradh ri Maureen. 'S cò na manaidsearan as fheàrr air a bheil cuimhn' aca fhèin tro na bliadhnaichean?
Tha Aonghas MacCuidheis ag innse mun turas a ghabh e fhèin is triùir charaidean air bòrd pufair bho chionn ghoirid. Tha' d uile fìor dhèigheil air sgeulachdan Para Handy 's cha b' e ruith ach leum air bòrd, nuair a fhuair iad an cothrom a dhol a sheòladh!
Agus tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhte air leabhar-latha, agus an-diugh tha i a' toirt sùil air The Richard Burton Diaries.
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Jun 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Jun 202422:25BBC Radio nan Gàidheal