
còmhla ri Maureen Nicleòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
Sprechen sie deutsch? Le na mìltean mòra de luchd-leantainn na h-Alba air an slighe dhan Ghearmailt an t-seachdain sa airson taic a chuir ri ar sgioba nàiseanta, bidh facal Gearmailteach a-siud is a-seo a dhìth. Tha Crìsdean Stroemsdoerfer fileanta ann an Gearmailtis, agus bha e a' toirt leasan sa chànan do chòignear luchd-leantainn agus Maureen fhèin: Calum MacIllFhinnein, Luke MacAoidh, Harry MacNeacail, Gillies O' Hanlon, agus Daniel Moran. Saoil ciamar a chaidh dhaibh?
An Alba, 's e an t-uisge agus am fuachd a th' air aire mhòran - le sìde gu math nas fhuaire na bhiodh sinn dùil is an dòchas a bhiodh againn mun àm seo bhliadhna. O chionn dà cheud bliadhna chruthaich Teàrlach Rennie Mac an Tòisich a sheacaid ainmeil a tha cho math san uisge, agus bha Iain MacAonghais ag innse sgeulachd Mhic an Tòisich agus a sheacaidean dhuinn.
Agus le ball-coise air aire gu leòr an t-seachdain sa agus sgioba Alba air a' Ghearmailt a ruighinn airson farpais Euro 2024, b' e dithis le eòlas agus sgeulachdan gu leòr mu bhall-coise a bha a-staigh air chèilidh air Maureen - Donnchadh MacLeòid agus Seonaidh Dòmhnallach bho na Lochan.
Chuala sinn cuideachd mu phròiseact rannsachaidh air ainmean-àite Eilean Ì, an Ros Mhuileach agus Stafa, 's mar a bha na h-ainmean sin aig cridhe bàrdachd Sheonaidh Chaimbeil às an Ros.
Last on
Broadcast
- Sun 16 Jun 202412:00BBC Radio nan Gàidheal