
Còmhla ris an Urr Pòl Moireach
Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Murchadh Fionnlasdan a tha os cionn na seinn agus Salm 16: 10-11 air fonn Stornoway le Dòmhnall Guinne os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Taigh-coinneimh Lìonail ann an Nis.
Salm 107: 28-30 air fonn Montrose agus ‘s e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 14: 1-13
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 14: 13
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an 2017.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 16 Jun 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Jun 202415:00BBC Radio nan Gàidheal