
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha sgeulachd iongantach balach òg às an Eadailt, Carlo Acutis, a chaochail ann an 2006, aig aois coig bliadhna deug, air aire mòran dhaoine a thogail 's e gu bhith air a chur ri àireamh nan naomh san Eaglais Chaitligeach. Ach carson? Tha am fear-naidheachd, Ruairidh Alasdair MacIllinnein ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Tha coimhearsnachd Sràid Theàrlaich ann an Inbhir Nis a' sireadh cead an t-sràid a dhùnadh co-dhiù aon uair sa mhìos, gus leigeil do chlann cluiche gu sàbhailte. An-diugh, tha Cathy a' faighinn diofar bheachdan air a' ghnothaich.
'S tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain seo ann an eachdraidh. Anns a' chunntas mu dheireadh aige an-dràsta, tha e a' toirt sùil air aithrisean a bh' anns a' Phàipear Bheag bho chionn leth-cheud bliadhna agus criomagan bhon phàipear Sgitheanach, The Clarion of Skye, a bha a' dol eadar 1951 agus 1957.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 28 May 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 28 May 202422:25BBC Radio nan Gàidheal