
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachad le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha na thachair air bòrd plèana a bha air an t-slighe a Singapore air a bhith gu mòr sna naidheachdan an t-seachdains. An-diugh, tha Cathy a' còmhradh ri paidhleat agus ri tè a tha na neach-frithealaidh air bòrd mu dè a tha ag adhbharachadh gum bi plèanaichean uaireannean a' faighinn crathadh san iarmailt. Dè seòrsa trèanadh a bhios iad a' faighinn mu choinneamh a leithid? Cluinnidh sinn cuideachd bho thè a bh' air bòrd plèana ann an suidheachadh èiginn, 's mar a dhèilig iad fhèin agus an criutha ris.
Tha an còcaire Alasdair MacLeòid a' toirt sùil tron leabhar, Cafe Canna: Recipes from a Hebridean Island le Gareth Cole.
Tha prògram aithriseach ùr ri fhaicinn air Seanail 4 an t-seachdains mu sgeulachd neo-àbhaisteach Nicholas Rossi, Aimeireaganach a thug a chreids air daoine sna Stàitean gu robh e air bàsachadh ach a thog ceann an Alba bho ainm eile. Tha Pàdraig MacAmhlaigh air a bhith a' coimhead Imposter: The Man Who Came Back From The Dead.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 23 May 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 May 202422:25BBC Radio nan Gàidheal